EARRAN 3
Dè Mar a Bha Beatha Ann am Pàrras?
Thug Iehòbha mòran de rudan math do dh’Adhamh agus do dh’Eubha. Genesis 1:28
Chruthaich Iehòbha a’ chiad bhoireannach, Eubha. Thug e i do dh’Adhamh mar bhean-phòsta.—Genesis 2:21, 22.
Chruthaich Iehòbha iad len inntinnean agus an cuirp foirfe, gun easbhaidh sam bith.
B’e am Pàrras ann sa ghàrradh aig Eden, an dachaigh a bha aca—àite eireachdail le abhainn, craobhan-meas, agus beathaichean soitheamh.
Bhruidhinn Iehòbha riutha; theagaisg e iad. Nan èisteadh iad ris, mhaireadh iad beò gu sìorraidh ann sa Phàrras thalmhainn.
Genesis 2:16, 17
Thuirt Dia riutha gun iad ithe bho aon dhe na craobhan.Dh’èirich aon de na h-ainglean an aghaidh Dhè. Canar Sàtan an Diabhal ris an aingeal olc seo.
Sheall Iehòbha do dh’Adhamh agus do dh’Eubha craobh-mheas air leth sa ghàrradh; thuirt e riutha nan itheadh iad bhuaipe gum bàsaicheadh iad.
Cha robh an Sàtan airson gum biodh Adhamh agus Eubha umhail do Iehòbha. Air sgàth sin, chleachd e nathair airson innse do dh’Eubha nach bàsaicheadh i idir nan itheadh i bhon chraoibh ud, ach gum biodh i coltach ri Dia fhèin. Breug mhòr gun teagamh a bha sin.—Genesis 3:1-5.