EARRAN 17
Iosa a’ Teagasg mu Rhìoghachd Dhè
Bha Iosa a’ teagaisg mòran nìthean dha dheisciobail ach chum e a shùil air aona chuspair—Rìoghachd Dhè
DÈ AN teachdaireachd a bh’ aig Iosa air an talamh? Thuirt e fhèin: “Is èiginn dhòmhsa rìoghachd Dhè a shearmonachadh do bhailtean eile mar an ceudna; oir is ann a-chum seo a chuireadh mi.” (Lùcas 4:43) Seallaibh a-nis ri ceithir nìthean a theagaisg Iosa mun an Rìoghachd sin, prìomh chuspair a theagaisg.
1. Iosa air a shònrachadh mar Rìgh. Thuirt Iosa fhèin gum b’ e esan am Mesiah a bha air a ro-innse. (Eòin 4:25, 26) Sheall e cuideachd gum b’ e esan an Rìgh a chunnaic am fàidh Daniel ann an lèirsinn. Dh’innis Iosa do na h-abstoil aige fhèin gu suidheadh e aon latha air “cathair a ghlòire” agus gu suidheadh iadsan cuideachd air cathraichean. (Mata 19:28) Thug e iomradh air a chòmhlan seo de riaghladairean mar “a threud bhig” aige fhèin, agus thug e cuideachd fa-near gun robh “caoraich eile” aige nach robh den treud sin.—Lùcas 12:32; Eòin 10:16.
2. Dh’àrdaicheadh Rìoghachd Dhè ceartas fìor. Chomharraich Iosa gun cuireadh Rìoghachd Dhè a-mach as a rathad an ana-cheartas as motha le a bhi a’ naomhachadh an ainm aig an Dia Iehòbhah, agus, ga ghlanadh bhon a h-uile cron a chàrn Sàtan air bhon ar-a-mach ann an Eden. (Mata 6:9, 10) Sheall Iosa cuideachd nach robh e ri sealltain bàidh ri duine seachd duine le a bhi teagaisg fireannaich is boireannaich, beartach neo bochd, gun eadar dhealachadh. Ged a bh’ ann gu teagaisg nan Israeilich a thàinig e, ruig e a-mach gu cuideacheadh Samaritanaich agus Gentilich, neo feadhainn nach robh nan Iùdhaich. Eu-coltach ris na ceannairdean cràbhadh as an latha aige, cha robh lorg aige air claon-bhàidh no gabhail taobh.
3. Cha bhiodh Rìoghachd Dhè na phàirt den t-saoghal seo. Bha Iosa beò ann an àm anns an robh an t-uamhas de throimh-chèile. Bha a dhùthaich fo smachd cumhachd choimheach. Ged-tà, dh’fheuch daoine air Iosa e ri toirt pàirt a ghabhail ann an gnothaichean poilitigeach an latha, ach tharraing e air falbh bhuapa. (Eòin 6:14, 15) Thuirt e ri aon neach-poileataics: “Chan ann den t-saoghal seo a tha mo rìoghachd-sa.” (Eòin 18:36) Ris an fheadhainn a’ lean e thuirt e: “Ach do bhrìgh nach ann den t-saoghal sibh.” (Eòin 15:19) Cha leigeadh e dhaibh ball-airm a ghiùlain fiù ’s gus iad fhèin e a dhìon gu pearsanta.—Mata 26:51, 52.
“Gun d’imich esan tro gach . . . baile, a’ searmonachadh agus a’ cur an cèill soisgeul rìoghachd Dhè.”—Lùcas 8:1
4. Bhiodh riaghladh Chrìosd air a’ stèidheachadh air gràdh. Gheall Iosa gun ùraicheadh e daoine agus gu leasaicheadh e an t-eallach aca. (Mata 11:28-30) Chum e fhacal. Thug e comhairle ghràdhach a bha èiseil airson dèiligeadh ri imcheist, leasachadh dàimh, sabaid an aghaidh saoghaltachd, agus a’ faighinn toilicheas. (Mata 5-7) Air sgàth ’s gun robh e fhèin a’ sealltain gràdh, chunnaic daoine den a h-uile seòrsa gu robh e furasta dhaibh tighinn faisg air. Fiù agus an fheadhainn a bha iosal neo dubhach, bha iad a’ cruinneachadh thige le cinnt gun dèiligeadh e riutha le coibhneas agus urram. Nach e, Iosa an ni an Riaghladair!
Bha dòigh làidir eile anns na theagaisg Iosa mu Rìoghachd Dhè. Choilinn e mòran mhìorbhailean. Carson a rinn e seo? Chì sinn.
—Air a’ stèidheachadh bho leabhraichean Mata, Marcus, Lùcas, agus Eòin.