Skip to content

Skip to table of contents

EARRAN 8

Sluagh Israeil a-steach do Thìr Chanàain

Sluagh Israeil a-steach do Thìr Chanàain

Cheannsaich clann Israeil na Canàanaich le stiùireadh bho Iosua. Thug Iehòbhah ùghdarras do britheamhan a shluagh a shaoradh bho dheuchainn chruaidh

LINNTEAN mun deach clann Israeil a steach do Chanàain bha Iehòbhah air an tìr sin a ghealltainn do shliochd Abrahàm. Fo stiùireadh Iosua bha iad deiseil airson an dearbh fhearann sin a shealbhachadh.

Thug Dia breith air na Canàanaich gun robh iad àiridh air an lèir-sgriosadh. Bhiodh a h-uile baile mòr a bhuannaich clann Israeil ri lom-sgriosaidh oir bha na droch dhaoine a bha annta an sàs sa h-uile seòrsa uilc mar chollaidh strìopachas agus dòrtadh fala.

Co-dhiù roimhe sin mun deach iad a-steach, chuir Iosua dithis dhaoine gu rannsachadh na tìr. Fhuair iad fasgadh as an taigh aig Rahab ann am baile mòr Iericho. Sheall Rahab dhaibh coibhneas ’s dh’fhalaich i iad na taigh fhèin, i a toir cùram dhaibh ged a bha fhios aice gur e clann Israeil a bh’ annta. Bha dòchas aig Rahab ann an Dia Israeil, chuala i mar a shabhail an Tighearna iad le gnìomharan mòr. Dh’iarr i air an dithis dhaoine mionnachadh dhi gun glèidheadh iad ise sa teaghlach fon a lèir-sgriosaidh.

An dèidh sin chaidh clann Israeil a-steach do Chanàain, ’s ghabh iad an aghaidh Iericho, ’s le mìorbhail o Iehòbhah, thuit na ballachan aig a bhaile mhòr. Sgrios armailt Iosua Iericho ach ghlèidheadh Rahab sa teaghlach beò. Thug Iosua fad sia bliadhna air ceannsachadh earrainn mhòr dhan talamh a bha air a ghealltain dhaibh. Roinneadh am fearann am measg treubhan Israeil.

Faisg air deireadh a bheatha chruinnich Iosua an sluagh mun cuairt air, ’s chomhairlich e iad mu dheidhinn an seirbheas do Iehòbhah, ’s gun iad idir dìochuimhneachadh na rinn Dia dha sinnsearan. Dh’abair Iosua an eachdraidh mhòr sin nan cluasan. A dh’aindeoin sin as dèidh bàs Iosua sa chompanaich dhìleas, dh’fhàg clann Israeil an Dia Iehòbhah airson frithealadh dhiadhan meallta. Fad trì cheud bliadhna cha robh clann Israeil umhail do laghan Iehòbhah. Airson sin dh’fhàg Iehòbhah iad ann an làmhan na namhaidean, mar eisimpleir nam Philistich. Ach an uair a thòisich na h-Israeilich a rànaich gu Iehòbhah airson cobhair, thog esan an àirde britheamhan—a dhà-dheug dhiubh airson a’ sàbhaladh.

Tha àm nam britheamhan sgrìobhte sa Bhìoball, a’ tòiseachadh le Otniel agus a’ crìochnachadh le Samson, duine cho làidir na chorp sa bha riamh beò air an talamh. Tha an aona fhìrinn a’ ruith troimh an leabhar aig nam Britheamhan; gur e ùmhlachd do Iehòbhah a bheir beannachadh, ach eas-ùmhlachd dha bheir doilgheas.

—Air a’ stèidheachadh bho Iosua; Britheamhan; Lebhiticus 18:24, 25.