Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 55

Thoir Taic air do Cho-thional Ionadail

Thoir Taic air do Cho-thional Ionadail

Air feadh an t-saoghail, bidh milleanan de dhaoine a’ dèanamh adhraidh do Iehòbha ann am mìltean de cho-thionail le aoibhneas. Tha iad taingeil airson an teagaisg agus treòrachaidh a tha iad a’ faighinn, agus bidh iad a’ toirt taic don cho-thional gu deònach ann an iomadh dòigh. A bheil thusa a’ faireachdainn mar seo mun a’ cho-thional agad fhèin?

1. Ciamar as urrainn dhut do neart agus ùine a chleachdadh gus taic a thoirt don cho-thional?

Faodaidh sinn uile a cuideachadh san cho-thional. Mar eisimpleir, a bheil duine seann no easlainteach nad cho-thional? An urrainn dhut gan cuideachadh le siubhal do na coinneamhan? No an urrainn dhut cuideachadh a thoirt dhaibh ann an dòighean pragtaigeach, mar eisimpleir a’ dol dhan bhùth no obair-taighe a dhèanamh dhaibh? (Leugh Sheumais 1:​27.) Cuideachd, faodaidh sinn a glanadh agus a cumail ar Talla Coinneimh air dòigh, gu saor-thoileach. Cha bhi sinn a’ dèanamh na rudan seo fo chuideam bho duine eile, ach bidh gràdh airson Dhè agus ar bràithrean gar gluasad a bhith “ro-thoileach” gus na rudan seo a dhèanamh.​—Salm 110:3.

Faodaidh Fianaisean baiste taic a thoirt don cho-thional ann an dòighean barrachd air seo. Faodaidh bràithrean aig a bheil teisteanas spioradail a frithealadh mar co-làmhaiche ministreil agus, le ùine, mar h-èildearan. Faodaidh bràithrean agus peathraichean taic a thoirt dhan obair searmonachaidh ann an dòigh gnìomhail mar “tùsairean”. Bidh Fianaisean eile a’ cuideachadh le togail àitichean adhraidh no a’ gluasad gu sgìre no co-thional a tha dhìth air cuideachas ann an dòighean eile.

2. Ciamar as urrainn dhuinn ar goireasan fiosaigeach a chleachadh gus taic a thoirt dhan cho-thional?

Faodaidh sinn “Thoir urram don Tighearna led mhaoin.” (Gnàth-fhacal 3:9) Tha sinn a’ faireachdainn gur e pribhleid a th’ ann ar airgead agus goireasan eile a thoirt airson taic don cho-thional ionadail agus don obair searmonachaidh chruinneil. (Leugh 2 Corintianaich 9:7.) Cuideachd, bidh ar tiodhlacan a’ cuideachadh dhaibhsan ann am mòr-thubaist. Tha Am Bìoball ag innse dhuinn gun “cuireadh gach neach agaibh rud air leth” mar tiodhlac gu cunbhalach. (Leugh 1 Corintianaich 16:2.) Faodaidh sinn tiodhlac a thoirt le bhith cleachdadh nam bogsaichean-thiodhlaic aig ar àitichean adhraidh no air loidhne aig donate.jw.org. Bidh Iehòbha a’ toirt dhuinn an cothrom a’ sealltainn ar gràdh dha le na tha sinn a’ dèanamh le ar goireasan fiosaigeach.

IONNSAICH TUILLEADH

Smaoinich air cuid de na dòighean is urrainn dhut taic a thoirt dhan cho-thional.

3. Faodaidh sinn ar goireasan fiosaigeach a chleachdadh

Tha gràdh aig Iehòbha dhan neach a bheireas seachad gu sunndach, agus tha Ìosa a’ faireachdainn mar seo cuideachd. Mar eisimpleir, thug Ìosa aire don bhanntrach bhochd agus an oidhirp a rinn i. Leugh Lùcas 21:​1-4, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • A bheil feum oirnn tiodhlaicean mòra a thoirt gus Iehòbha a thoileachadh?

  • Ciamar a tha Iehòbha agus Ìosa a’ faireachdainn nuair a bheireas sinn seachad le cridhe làn?

Airson ionnsachadh ciamar a tha ar tiodhlaicean air an cleachdadh, cluich am BHIDIO. An uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Ciamar a tha tiodhlaicean air an cleachdadh gus co-thionalan air feadh an t-saoghail a bhuannachadh?

4. Faodaidh sinn saor-thoileachas a dhèanamh

Anns na làithean a’ Bhìobaill, bha luchd-adhraidh Iehòbha ag obair gu cruaidh gus na h-àitichean adhraidh aca a chumail air dòigh. Ach bha barrachd a dhìth na dìreach airgead a toirt seachad. Leugh 2 Eachdraidh 34:​9-​11, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Ciamar an do chuidich a h-uile Eabhraidheach a coimhead às dèidh taigh Iehòbha, no àite adhraidh?

Faic ciamar a tha Fianaisean Iehòbha a leantainn an eisimpleir aosmhor sin, cluich am BHIDIO. An uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Carson a tha e cudromach gum bi sinn a’ cumail ar Talla Coinneimh glan agus ann an òrdugh?

  • Ann an dè dòighean as urrainn dhut a cuideachadh?

5. Faodaidh bràithrean ag obair gus tuilleadh a dhèanamh airson a’ cho-thionail

Tha na sgriobtaran a’ brosnachadh fir Crìostail ag obair gu cruaidh airson taic a thoirt dhan co-thional. Faic eisimpleir de seo, cluich am BHIDIO. An uairsin freagairt a’ cheist a leanas.

  • Sa bhidio, ciamar an robh Ryan ag obair gu cruaidh gus barrachd taic a thoirt dhan co-thional?

Tha Am Bìoball a’ mìneachadh dè tha na teisteanasan airson bràithrean a tha frithealadh mar co-làmhaichean ministreil agus èildearan. Leugh 1 Timòteus 3:​1-​13, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè an dùil air feadhainn eile de na bràithrean a tha ag obair gu cruaidh airson a bhith co-làmhaichean ministreil agus èildearan?

  • Dè an dùil air na teaghlaichean aca?​—Faic rannan 4 agus 11.

  • Nuair a bhios bràithrean ag obair gu cruaidh gus na teisteanasan seo a ruigsinn, ciamar a bhios a h-uile duine anns a’ cho-thional a buannachadh?

’S DÒCHA GUM FAIGHNICH CUIDEIGIN: “Ciamar a bhios Fianaisean Iehòbha a’ togail airgid airson an obair aca?”

  • Ciamar a fhreagras tu?

GEÀRR-IOMRADH

Bidh Iehòbha a’ cur luach air an oidhirp a tha sinn a’ dèanamh gus taic a thoirt dhan co-thional le ar ùine, neart, agus rudan fiosaigeach.

Ath-sgrùdadh

  • Ciamar as urrainn dhuinn ar ùine agus neart a chleachdadh gus taic a thoirt dhan co-thional?

  • Ciamar as urrainn dhuinn ar rudan fiosaigeach a chleachdadh gus taic a thoirt dhan co-thional?

  • Ann an dè dòighean am bu toil leat taic a thoirt dhan co-thional?

Amas

RANNSAICH

Meòraich air carson nach eil Iehòbha fhathast ag iarraidh gum bi an luchd-adhraidh aige an deicheamh a’ toirt seachad.

“What Does the Bible Say About Tithing?” (Artaigil-lìn)

Tha Am Bìoball a’ sònrachadh dhleastanasan gu fir a tha baiste. Dè ma tha dhìth ann airson boireannaich a tha baiste a coimhead às dèidh nan dleastanasan seo?

“Understanding Headship in the Congregation” (The Watchtower, February 2021)

Coinnich ri cuid de na Fianaisean misneachail a tha a’ dèanamh ìobairtean mòra airson foillseachain a ghluasad don co-luchd-adhraidh aca.

Distributing Bible Literature in Congo (4:​25)

Faic ciamar a tha an dòigh a bhios Fianaisean Iehòbha airgead a thogail gu tùr eadar-dhealaichte bho na tha buidhnean cràbhach eile.

“How Is the Work of Jehovah’s Witnesses Financed?”(Artaigil-lìn)