Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 41

Dè tha Am Bìoball ag Ràdh mu Dheidhinn Feise?

Dè tha Am Bìoball ag Ràdh mu Dheidhinn Feise?

Tha mòran dhaoine a’ faireachdainn mì-chofhurtail a bruidhinn mu dheidhinn feise. Nuair a tha Am Bìoball a’ bruidhinn ma deidhinn ge-tà, tha e a’ dèanamh seo ann an dòigh dìreach ach spèiseil. Is urrainn na tha e ag ràdh gar buannachadh. Tha seo a’ dèanamh ciall, oir tha Iehòbha ar Cruithear agus tha fios aige an rud as fheàrr dhuinn. Tha e ag innse dhuinn dè nì sinn airson ga thoileachadh agus dè bhios gar cuideachadh a mealadh beatha gu bràth.

1. Dè tha beachd Iehòbha air feis?

’S e tiodhlac bho Iehòbha a th’ ann an fheis. Tha e ag iarraidh gum bi feis a’ toirt gàirdeachas gu fear agus boireannach a tha pòsta ri chèile. Bidh an tiodhlac seo a’ leigeil clann a bhith aig càraid phòsta; cuideachd faodaidh iad a sealltainn gaol ri chèile ann an dòigh nàdarra is tlachdmhor. Tha seo an adhbhar a tha Am Facal Dhè ag ràdh: “Dèan gàirdeachas maille ri mnaoi-phòsda d’òige.” (Gnàth-fhacal 5:18, 19) Tha dùil aig Iehòbha gum bi Crìostaidhean pòsta dìleas don chèile, mar sin cha dèan iad adhaltras idir.—Leugh Eabhraidhich 13:4.

2. Dè th’ ann an fheis mì-mhoralta?

Tha Am Bìoball ag innse dhuinn “cha shealbhaich luchd-strìopachais . . . rìoghachd Dhè.” (1 Corintianaich 6:9, 10) Chleachd sgrìobhadairean a’ Bhìobaill am facal Greugais por·neiʹa airson feise mì-mhoralta a dhealbhadh. An lùib an fhacail seo tha feis a (1) eadar dithis nach eil pòsta ri chèile, (2) co-sheòrsachd, agus (3) le beathaichean. Bidh sinn a’ toileachadh Iehòbha agus a’ buannachadh sinn fhèin nuair a seachnas sinn “strìopachas.”—1 Tesalònianaich 4:3.

IONNSAICH TUILLEADH

Meòraich air ciamar is urrainn dhut a seachnadh feis mì-mhoralta agus buannachadh le bhith cumail glan ann an dòigh moralta.

3. Teich bho fheis mì-mhoralta

Bha strì aig an fhear dìleas Iòseph gus a bhith glan gu moralta. Leugh Genesis 39:1-12, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè ghluais Iòseph a theicheadh?—Faic rann 9.

  • A bheil thusa a’ smaoineachadh gun do rinn Iòseph an co-dhùnadh ceart? Carson?

Ciamar is urrainn òigridh an latha an-diugh a bhith coltach ri Iòseph agus a’ teicheadh bho fheis mì-mhoralta? Cluich am BHIDIO.

Tha Iehòbha ag iarraidh gum bi sinn uile a’ diùltadh mì-mhoraltachd. Leugh 1 Corintianaich 6:18, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè na suidheachaidhean is urrainn a leantainn cuideigin gu feis mì-mhoralta?

  • Ciamar is urrainn dhut a teicheadh bho fheis mì-mhoralta?

4. Faodaidh tu seasamh an aghaidh buairinn

Carson a tha e doirbh a’ seasamh an aghaidh feise mì-mhoralta? Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist a leanas.

  • Dè rinn am bràthair sa bhidio nuair a mhothaich e gun urrainn rudan a bha e a’ smaoineachadh air agus a’ dèanamh a leantainn gu mì-dhìlseachd ris a bhean?

Fiù ’s tha Crìostaidhean dìleas aig amannan a’ strì ri smuaintean neòghlan. Ciamar is urrainn dhuinn a seachnadh smaointean mì-mhoralta? Leugh Philipianaich 4:8, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè seòrsa rudan am bu chòir dhuinn a smaoineachadh air?

  • Ciamar is urrainn leughadh a’ Bhìobaill agus cumail trang ann an seirbheis Iehòbha gar cuideachadh a seasamh an aghaidh na toile peacadh a dhèanamh?

5. Bidh ìrean Iehòbha gar buannachadh

Tha fios aig Iehòbha dè an rud as fheàrr dhuinn. Tha e ag innse ciamar is urrainn dhuinn a cumail glan gu moralta agus na buannachdan a tha tighinn le seo a dhèanamh. Leugh Gnàth-fhacal 7:7-27 no cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.

  • Carson a choisich fear òg dhan suidheachadh buaireil?—Faic Gnàth-fhacal 7:8, 9.

  • A rèir Gnàth-fhacal 7:2326, faodaidh droch-thoraidhean a tighinn bho fheis mì-mhoralta. Ma tha sinn glan gu moralta, dè na trioblaidean is urrainn dhuinn a seachnadh?

  • Ciamar is urrainn glainead moralta gar cuideachadh beatha gu bràth a mealadh?

Tha feadhainn a’ smaoineachadh na tha Am Bìoball ag ràdh mu dheidhinn co-sheòrsachd cruaidh agus gun gràdh. Ach gur gràdh Dia Iehòbha, mar sin tha e ag iarraidh gum bi a h-uile duine a’ mealadh beatha gu bràth. Airson teisteanachadh, feumaidh sinn uile a bhith beò a rèir na h-ìrean aige. Leugh 1 Corintianaich 6:9-11, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Bhon shealladh Dhè, a bheil faireachdainn co-sheòrsach an aon rud a tha mì-iomchaidh?

Airson Dia a thoileachadh, feumaidh sinn uile atharraidhean a dhèanamh. Ach am biodh seo math dhuinn? Leugh Salm 19:8, 11, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • A bheil thusa a’ smaoineachadh gu bheil na h-ìrean moralta aig Iehòbha reusanta? Carson, no carson nach eil?

Tha Iehòbha air cuideachadh mòran na h-ìrean moralta aige a leantainn. Faodaidh e gad chuideachadh

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha feis eadar dithis sam bith ceart gu leòr, cho fad ’s a tha gaol ann eatarra.”

  • Dè chanas tu?

GEÀRR-IOMRADH

’S e tiodhlac bho Iehòbha a th’ ann an fheis airson fear-pòsta agus bean-phòsta.

Ath-sgrùdadh

  • Dè tha an lùib feise mì-mhoralta?

  • Dè bhios gar cuideachadh feis mì-mhoralta a seachnadh?

  • Ciamar a bhios sinn a’ buannachadh nuair a tha sinn a’ leantainn na h-ìrean moralta aig Iehòbha?

Amas

RANNSAICH

Ionnsaich carson a tha Dia ag iarraidh fear agus boireannach a tha fuireach ri chèile a bhith pòsta.

“What Does the Bible Say About Living Together Without Marriage?”(Artaigil-lìn)

Leugh carson a tha ìrean a’ Bhìobaill a’ ciallachadh nach bu chòir gràin a bhith againn air daoine co-sheòrsach.

“Is Homosexuality Wrong?” (Artaigil-lìn)

Ionnsaich ciamar a tha laghan Dhè a rèir gnìomhan feiseil gar dìon.

“Is Oral Sex Really Sex?” (Artaigil-lìn)

Ann an sgeul-beatha “They Treated Me With Dignity,” faic dè ghluais aon fhear co-sheòrsach airson a bheatha ag atharrachadh gus Dia a thoileachadh.

“The Bible Changes Lives” (The Watchtower, April 1, 2011)

a An lùib seo tha iomadh gnìomh mar co-ghineadh, feis bheòil, feis toll-tòineach, agus a’ laimhseachadh le na buill dhìomhair aig cuideigin eile ann an dòigh feiseil.