Skip to content

Skip to table of contents

LEASAN 38

Seall gu Bheil Thu Taingeil Airson an Tiodhlac a th’ ann am Beatha

Seall gu Bheil Thu Taingeil Airson an Tiodhlac a th’ ann am Beatha

Faodaidh beatha a bhith làn de rudan mìorbhaileach. Fiù ’s nuair a tha trioblaidean againn, faodaidh pàirtean de ar beatha fhathast a còrdadh rinn. Ciamar a sheallas sinn gu bheil sinn taingeil airson a’ thiodhlaic shònraichte, beatha? Agus dè tha an adhbhar as cudromaiche airson sin a dhèanamh?

1. Carson am bu chòir dhuinn a bhith taingeil airson na beatha?

Bu chòir dhuinn a bhith taingeil airson beatha air sgàth ’s gur i tiodhlac a th’ ann bho ar n-Athar gràdhach, Iehòbha. ’S e “tobar na beatha” a th’ ann​—chruthaich e beatha uile gu lèir. (Salm 36:9) “Tha e fhèin a’ toirt beatha agus anail agus a h-uile rud dha na h-uile.” (Gnìomhan 17:​25, 28) Thug Iehòbha dhuinn na tha feum oirnn airson a bhith beò. Ach barrachd air seo, tha ar beatha a’ seasamh ann an dòigh a tha leigeil dhuinn ga còrdadh.​—Leugh Gnìomhan 14:17.

2. Ciamar is urrainn dhuinn a sealltainn gu bheil sinn taingeil airson na beatha?

Bhon uair a ghabh do mhàthair trom leat, bha cùram aig Iehòbha dhut. Ann an ùrnaigh, a tha ri lorg sa Facal Dhè, thuirt Daibhidh, neach-adhraidh Dhè: “Chunnaic do shùilean mo chiad-fhàs anabaich.” (Salm 139:16) Tha do bheatha phrìseil do Iehòbha. (Leugh Mata 10:​29-​31.) Bhiodh bròn mòr air ma chuireas cuideigin crìoch air a’ bheatha aig cuideigin eile, fiù ’s a’ bheatha aige no aice fhèin. a (Ecsodus 20:13) Cuideachd, bidh Iehòbha faireachdainn bròn ma chuireas sinn a’ bheatha againn fhèin ann an cunnart gun fheum no mura robh sinn faiceallach a’ bheatha aig feadhainn eile a dìon. Nuair a tha sinn a’ coimhead às dèidh ar beatha agus spèis a sealltainn airson beatha aig feadhainn eile, tha e follaiseach gu bheil sinn taingeil airson a’ thiodhlaic mhìorbhaileach a th’ ann a’ bheatha.

IONNSAICH TUILLEADH

Smaoinich air dòighean is urrainn dhut a sealltainn gu bheil thu taingeil airson a’ thiodhlaic a th’ ann a’ bheatha.

3. Gabh cùram air do shlàinte

Bidh Chrìostaidhean coisrigte a’ cleachdadh a’ bheatha uile air fad airson Iehòbha a frithealadh. Bidh iad nochdadh a’ chuirp aca mar beò-ìobairt do Dhia, mar gum biodh. Leugh Ròmanaich 12:​1, 2, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Dè am bu chòir gad ghluasad airson a coimhead às dèidh do shlàinte?

  • Ciamar is urrainn dhut seo a dhèanamh?

4. Bidh mothachail air sàbhailteas an-còmhnaidh

Tha Am Bìoball gar brosnachadh a’ seachnadh cleachdaidhean a tha cunnartach. Cluich am BHIDIO airson ionnsachadh mu rudan is urrainn dhut a dhèanamh airson a bhith sàbhailte.

Leugh Gnàth-fhacal 22:​3, agus an uairsin bruidhinn mu ciamar is urrainn dhut fhèin agus feadhainn eile a bhith sàbhailte . . .

  • aig an taigh.

  • aig d’ àite obrach.

  • nuair a tha thu a’ cluich spòrs.

  • nuair a tha thu a’ draibheadh no nuair a tha thu ann an carbad.

5. Thoir spèis air leanabh gun bhreith

Ann an cànan bàrdail, mhìnich Rìgh Daibhidh gu bheil ùidh aig Iehòbha air a h-uile càil a tha tachairt ri leanabh nuair a tha e a’ fàs ann am broinn màthar. Leugh Salm 139:​13-​17, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:

  • Anns na sùilean Iehòbha, a bheil beatha a’ tòiseachadh aig bhreith no bhon uair a ghabh a’ mhàthair trom?

Dhìon laghan Iehòbha airson Israel aosmhor màthraichean agus clann gun bhreith. Leugh Ecsodus 21:​22, 23 (NWT), agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ciamar a bha Iehòbha a’ faireachdainn mu cuideigin a chuir crìoch air leanabh gun bhreith gu tubaisteach?

  • Ciamar a bhios Iehòbha a’ faireachdainn ma rinn cuideigin seo le rùn? b

  • Ciamar a tha thusa a’ faireachdainn mu beachd Dhè?

Cluich am BHIDIO.

Fiù ’s faodaidh boireannach a tha ag aithneachadh dè cho phrìseil ’s a tha beatha, a’ faireachdainn gu bheil casg-breith an aon taghadh aicese. Leugh Isaiah 41:​10, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:

  • Ma tha boireannach fo chuideam casg-breith ri fhaighinn, cò am bu chòir dhi faighneachd airson cuideachas? Carson?

THA FEADHAINN AG RÀDH: “Faodaidh casg-breith a bhith aig boireannach ma tha i ag iarraidh​—’s e an corp aice a th’ ann.”

  • Carson a tha thusa uile-cinnteach gu bheil Iehòbha a’ cur luach air beatha màthar agus a leanabh gun bhreith.

GEÀRR-IOMRADH

Tha Am Bìoball a’ teagaisg dhuinn gràdh is urram a sealltainn airson a’ thiodhlaic na beatha bho Iehòbha agus ga dìon. Tha seo a’ ciallachadh ar beatha agus a’ bheatha aig feadhainn eile.

Ath-sgrùdadh

  • Carson a tha beatha dhaoine prìseil do Iehòbha?

  • Ciamar a tha Iehòbha a’ faireachdainn nuair a chuireas cuideigin beatha gu crìoch le rùn?

  • Carson a tha thusa taingeil airson a’ thiodhlaic na beatha?

Amas

RANNSAICH

Ciamar is urrainn dhuinn taing a thoirt do Iehòbha airson a’ thiodhlaic na beatha?

Song 141​—The Miracle of Life (2:​41)

Lorg am freagairt don cheist: An toir Dia maitheanas do boireannach aig an robh casg-breith?

“What Does the Bible Say About Abortion?” (Artaigil-lìn)

Ionnsaich ciamar a tha beachd Dhè mu bheatha a’ toirt buaidh air ar cur-seachadan.

“‘Extreme Sports’​—Should You Take the Risk?” (Awake!, October 8, 2000)

Dè ma tha smuaintean fèin-mharbhtach aig cuideigin? Saoil air ciamar is urrainn Am Bìoball a cuideachadh.

“I Want to Die​—Can the Bible Help Me When I Have Suicidal Thoughts?” (Artaigil-lìn)

a Tha cùram mòr aig Iehòbha airson iadsan a tha briste nan cridhe. (Salm 34:18) Tha e a’ tuigsinn gun urrainn cràdh na h-inntinn a leantainn gu smuaintean fèin-mharbhtach, agus tha e ag iarraidh a chuideachadh. Airson faicinn ciamar is urrainn an cuideachas aige diofar a dhèanamh, leugh an t-artaigil “I Want to Die​—Can the Bible Help Me When I Have Suicidal Thoughts?” a tha ri lorg san earrann Rannsaich den leasan seo.

b Chan fheum iadsan aig an robh casg-breith a’ faireachdainn làn cionta​—faodaidh Iehòbha mathanas a toirt dhaibh. Airson tuilleadh fiosrachaidh, faic an t-artaigil “What Does the Bible Say About Abortion?” ri lorg san earrann Rannsaich den leasan seo.