LEASAN 23
Baisteadh—Abair Amas!
Theagaisg Ìosa gun fheum Crìostaidhean a bhith baiste. (Leugh Mata 28:19, 20.) Ach dè th’ ann am baisteadh? Agus dè bu chòir cuideigin a dèanamh airson an amais seo a ruigse?
1. Baisteadh—Dè th’ ann?
Tha am facal “baisteadh” a’ tighinn bho facal Greugais a tha ciallachadh “cur am bogadh fon uisge.” Nuair a chaidh Ìosa a bhaisteadh anns an Iòrdan, thàinig e “a-nìos às an uisge.” (Marcas 1:9, 10) San aon dhòigh, bidh fìor-Chrìostaidhean a faighinn baisteadh le bogadh gu tur bhon uisge.
2. Dè tha baisteadh a’ sealltainn?
Le baisteadh, tha cuideigin a’ sealltainn gu bheil am beatha aige coisrigte do Dhia Iehòbha. Ciamar a tha cuideigin a’ dèanamh an coisrigeadh seo? Ro bhaisteadh, ann an ùrnaigh prìobhaideach agus cridheil, tha e ag innse do Iehòbha gu bheil e ag iarraidh a bhith dìleas Dha gu bràth. Tha e a’ gealltainn gum bi e a’ dèanamh adhradh do Iehòbha a-mhàin agus gu bheil a’ mhiann Dhè an rud as cudromaiche na bheatha aige. Le taghadh, “àicheadh e e fhèin agus . . . leanadh e” na theagaisgean is eisimpleir aig Ìosa. (Mata 16:24) Tro coisrigeadh agus baisteadh faodaidh cuideigin a togail dlùth càirdeas le Iehòbha agus le luchd-adhraidh eile.
3. Dè bu chòir cuideigin a dhèanamh airson adhartachadh gu baisteadh?
Faodaidh tu a dèanamh deiseil airson baisteadh nuair a ionnsaicheas tu mu Iehòbha agus nuair a thogas tu creideamh làidir ann. (Leugh Eabhraidhich 11:6.) Nuair a dh’fhàsas do eòlas agus do chreideamh, bidh do ghràdh airson Iehòbha a’ fàs cuideachd. An uairsin bidh thu ag iarraidh searmonachadh mu dheidhinn agus a’ fuireach a rèir na tomhasan aige. (2 Timòteus 4:2; 1 Eòin 5:3) Nuair a tha cuideigin a’ fuireach ann an dòigh a tha “iomchaidh air an Tighearna, gus a thoileachadh sa h-uile dòigh,” ’s docha gun taghaidh e a bheatha coisrigeadh do Dhia agus dol air adhart gu baisteadh.—Colosianaich 1:9, 10. a
IONNSAICH TUILLEADH
Faic dè as urrainn dhuinn ag ionnsachadh bho baisteadh Ìosa agus ciamar as urrainn cuideigin a dèanamh deiseil airson a’ cheum cudromach seo.
4. Faodaidh sinn ag ionnsachadh bho am baisteadh Ìosa
Leugh Mata 3:13-17 agus ionnsaich tuilleadh mu bhaisteadh Ìosa. An uairsin bruidhinn mu na ceistean seo:
-
An robh Ìosa na leanabh nuair a chaidh e a bhaisteadh?
-
Ciamar an robh e air bhaisteadh? An d’fhuair e dìreach fras beag uisge?
Thòisich Ìosa an obair shònraichte aig Dia air an talamh nuair a chaidh e a bhaisteadh. Leugh Lùcas 3:21-23 agus Eòin 6:38, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:
-
Às dèidh bhaisteadh, dè an obair an do chuir Ìosa sa chiad àite na bheatha aige fhèin?
5. Baisteadh—Amas as urrainn dhut a ruigsinn
An tòiseach ’s dòcha gu bheil coisrigeadh agus baisteadh a’ faireachdainn duilich dhut. Faodaidh tu a cumail a dol ge-tà, gu àm nuair a tha thu a’ faireachdainn nas misneachaile mu dheidhinn co-dhùnadh cudromach mar seo a dhèanamh. Airson faicinn daoine eile a tha seo air a dhèanamh, cluich am BHIDIO.
Leugh Eòin 17:3 agus Sheumais 1:5, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:
-
Dè tha cuideachadh neach sam bith a dèanamh deiseil airson baisteadh?
-
Tha sinne a’ dèanamh coisrigeadh nuair a tha sinn ag innse do Iehòbha gu bheil sinn airson a bhith dìleas dha gu sìorraidh
-
Aig àm ar baisteadh, bidh sinn a’ sealltainn ri daoine eile gu bheil sinn air a dhèanamh coisrigeadh do Dhia
6. Tha baisteadh a’ ciallachadh gum bi sinn pàirt de teaghlach Iehòbha
Nuair a gheibheas sinn baisteadh, bidh sinn pàirt de teaghlach aonaichte air feadh an t-saoghail. Ged a tha sin bho àiteachan is cultaran eadar-dhealaichte, tha aon chreideamh againn uile agus tha caitheamh-beatha againn leis na h-aon ìrean mhoralta. Leugh Salm 25:14 agus 1 Peadar 2:17, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:
-
Dè am buaidh a tha baisteadh a’ toirt air càirdeas aig cuideigin le Iehòbha agus an fheadhainn eile a tha dèanamh adhradh ris?
THA FEADHAINN AG RÀDH: “Chan eil mise deiseil airson baisteadh.”
-
Ma tha thusa a’ faireachdainn mar seo; nad bheachd-sa, a bheil baisteadh deagh-amas airson an àm ri teachd?
GEÀRR-IOMRADH
Theagaisg Ìosa gun fheum Crìostaidhean a faighinn baisteadh. Airson an amas sin a ruigsinn, feumaidh cuideigin a togail creideamh làidir ann an Iehòbha, a fuireach leis na h-ìrean Aige, agus a coisrigeadh e fhèin ri Dia.
Ath-sgrùdadh
-
Dè th’ ann am baisteadh, agus carson a tha e cudromach?
-
Ciamar a tha coisrigeadh agus baisteadh ceangailte?
-
Dè na ceuman a tha leantainn ri coisrigeadh agus baisteadh?
RANNSAICH
Ionnsaich dè tha baisteadh agus dè nach eil.
Seall a-rithist air dòighean is urrainn cuideigin a dol air adhart gu baisteadh.
“Love and Appreciation for Jehovah Lead to Baptism” (The Watchtower, March 2020)
Leugh mu chiamar an robh an co-dhùnadh aig aon duine airson baisteadh stèidhichte air barrachd na faireachdainnean.
“They Wanted Me to Prove the Truth to Myself” (The Watchtower, February 1, 2013)
Smaoinich mu carson a tha baisteadh deagh-amas agus ciamar is urrainn dhut a dèanamh deiseil air a shon.
“Should I Get Baptized?” (Questions Young People Ask —Answers That Work, Volume 2, chapter 37)
a Ma chaidh cuideigin air bhaisteadh ann an creideamh eile roimhe, feumaidh e a bhith baisteadh a-rithist. Carson? Air sgàth’s nach eil an creideamh sin a’ teagaisg an fhìrinn bhon a’ Bhìobaill.—Faic Gnìomhan 19:1-5 agus Leasan 13.