LEASAN 01
Ciamar a Gheibh Thu Cuideachas bhon a’ Bhìoball?
Tha ceistean mu bheatha, fulangas, bàs agus an t-àm ri teachd aig a h-uile duine cha mhòr, ach, tha sinn uile iomaganach mu rudan àbhaisteach mar obair is airgead agus teaghlach toilichte fhaighinn. Bidh a’ mhòr chuid a’ lorg gu bheil Am Bìoball gar cuideachadh ceistean mòra na beatha a freagairt agus comhairle pragtaigeach airson beatha an latha an-diugh. Tha Am Bìoball cuideachail airson duine sam bith, dè do bheachd-sa?
1. Dè seòrsa cheistean a tha Am Bìoball a’ freagairt?
Tha Am Bìoball a’ freagairt na ceistean cudromach seo: Ciamar a thòisich beatha? Carson a tha sinn an seo? Carson a tha daoine neochiontach a’ fulang? Dè thachras nuair a bhàsaicheas cuideigin? Ma tha sinn uile ag iarraidh sìth, carson a tha an t-uabhas cogaidh ann? Dè thachras dha na talmhainn san àm ri teachd? Tha Am Bìoball a’ toirt dhuinn misneachd na freagairtean a lorg do cheistean mar seo, agus tha milleanan air lorg freagairtean riaraichte.
2. Ciamar as urrainn Am Bìoball gar cuideachadh anns a’ bheatha againn gach latha?
Tha Am Bìoball a’ toirt comhairle mhath dhuinn. Mar eisimpleir, tha e a’ teagaisg ciamar as urrainn teaghlaich a bhith fìor thoilichte. Tha comhairle ann nuair a tha sinn ag obair fo chudrom mòr agus ciamar a lorg sinn aoibhneas nar obair. Ionnsaich thusa dè tha Am Bìoball a’ teagaisg mu na cuspairean seo agus tuilleadh nuair a bhruidhneas sinn mun cùrsa seo ri chèile. ’S docha gun aontachaidh thu a dh’aithgheàrr gu bheil “an sgriobtar uile [a h-uile càil sa Bhìoball] . . . feumail.”—2 Timòteus 3:16.
Chan eil am foillseachan seo an àite a’ Bhìobaill. Ach tha e a’ toirt dhut misneachd Am Bìoball a sgrùdadh dhut fhèin. Uime sin, leugh na sgriobtaran anns na leasanan agus meòraich air na tha thu ag ionnsachadh.
IONNSAICH TUILLEADH
Smaoinich mu ciamar a tha Am Bìoball air an cuideachadh daoine, ciamar a gheibh thu tlachd nad leughadh, agus carson a tha e math cuideachas fhaighinn ga thuigsinn.
3. Faodaidh Am Bìoball gar stiùireadh
Tha Am Bìoball coltach ri solas làidir. Faodaidh Am Bìoball gar stiùireadh agus a’ sealltainn dhuinn dè tha air ar beulaibh san àm ri teachd.
Leugh Salm 119:105, agus bruidhinn mu na ceistean seo:
-
Dè bha sgrìobhadair an t-salm seo a’ smaoineachadh mu dheidhinn a’ Bhìoball?
-
Ciamar a tha thusa a’ faireachdainn mun a’ Bhìoball?
4. Faodaidh Am Bìoball a freagairt ar ceistean
Lorg aon boireannach gun robh freagairtean do na ceistean a bha air na h-inntinn airson bliadhnaichean anns a’ Bhìoball. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.
-
Anns a’ bhidio, dè seòrsa ceistean a bh’ aice?
-
Ciamar a chuidich sgrùdadh a’ Bhìobaill i?
Tha Am Bìoball gar brosnachadh ceistean a faighneachd. Leugh Mata 7:7, Agus an uairsin bruidhinn mu na leanas:
-
Dè na ceistean a th’ agad as urrainn Am Bìoball a freagairt?
5. S’ urrainn leughadh a’ Bhìobaill a chòrdadh riut
Bu toigh le tòrr daoine leughadh a’ Bhìobaill agus a faighinn beannachdan bhuaithe. Cluich am BHIDIO, agus an uairsin bruidhinn mu na ceistean a leanas.
-
Anns a’ bhidio, ciamar a bha na h-òigridh a’ faireachdainn mu leughadh?
-
Carson a tha iad a’ faireachdainn eadar-dhealaichte mu leughadh a’ Bhìobaill a-nis?
Tha stiùireadh a’ Bhìobaill a’ toirt dhuinn misneachd agus dòchas. Leugh Ròmanaich 15:4, agus an uairsin bruidhinn mun a’ cheist seo:
-
A bheil ùidh agad sa geallaidhean a’ Bhìobaill mu chofhurt agus dòchas?
6. Faodaidh daoine eile gar cuideachadh Am Bìoball a thuigsinn
A bharrachd air leughadh leotha fhèin, tha e cuideachail do mòran de dhaoine a bhith bruidhinn mun a’ Bhìoball còmhla ri cuideigin eile. Leugh Gnìomhan 8:26-31, agus an uairsin bruidhinn mun a cheist seo:
-
Ciamar as urrainn sinn Am Bìoball a thuigsinn?—Faic rannan 30 agus 31.
THA FEADHAINN AG RÀDH: “Tha sgrùdadh a’ Bhìobaill mar bhuille air iarann fuar”
-
Dè chanas tu? Carson?
GEÀRR-IOMRADH
Tha Am Bìoball a’ toirt comhairle airson beatha làitheil, freagairtean do cheistean cudromach agus cofhurt is dòchas.
Ath-sgrùdadh
-
Dè seòrsa comhairle a lorg sinn anns a’ Bhìoball?
-
Dè na ceistean a tha Am Bìoball a’ freagairt?
-
Dè tha thusa airson ionnsachadh?
RANNSAICH
Tha comhairle phragtaigeach aig a’ Bhìoball san latha an-diugh.
“Bible Teachings—Timeless Wisdom” (The Watchtower No. 1 2018)
Seall ciamar a chuidich Am Bìoball an duine seo le na droch fhaireachdainnean a bh’ aige.
Sgrùd comhairle phragtaigeach bhon a’ Bhìoball airson beatha teaghlaich.
Tha Am Bìoball a’ ceartachadh mì-thuigsinn cumanta mu cò tha riaghladh an t-saoghail.
Carson Nach Gabh Sibh Ionnsachadh Anns a‘ Bhìoball?—Air Fad (3:14)