Smachd Air Airgead
Tha iomadach duine air na trioblaidean airgead aca a’ beagachadh oir tha iad air a’ leantainn prionnsabalan bhon a’ Bhìobaill.
DÈAN DEAGH PHLANA
PRIONNSABAL A’ BHÌOBAILL: “Bheir gu deimhinn smuaintean an duine dhìcheallaich gu pailteas; ach thig gach neach a tha gun fhoighidinn da-rìribh gu dhith.”—Gnàth-fhacal 21:5.
THA SEO A’ CIALLACHADH: Is urrainn dhut a bhith soirbheachail le airgead nuair a tha plana-airgid agad. Cuimhnich, chan urrainn dhut a h-uile dad a tha thu ag iarraidh a cheannach. Mar sin, cleachd an t-airgead agad ann an dòigh glic.
DÈ AS URRAINN DHUT A DHEÀNAMH:
-
Cùm ris a’ bhuidseid agad. Sgrìobh sìos na cosgaisean gu lèir agad agus cuir iad ann an roinnean-sèorsa. An uair sin, suidhich maoinean airson gach cosg. Ma chosgas tu cus ann an aon phàirt, thoir airgead bho phàirt eile gus an diofar a chòmhdach. Mar eisimpleir, ma chosgas tu cus na bha dùil agad air peatrail airson a’ chàr, thoir airgead bho rudeigin nach eil cho cudromach—mar eisimpleir ag ithe ann an taigh-bìdh.
-
Seachain fiachan neo-fheumail. Mas urrainn dhut, seachain fiachan. An àite, caomhain d’ airgead airson na rudan a dh’fheumas tu a cheannach. Ma chleachdas tu cairt-chreideis, feuch ri ga phàigh sìos gach mìos gus nach pàigh thu riadh. Ma tha thu ann am fiachan, cuir plana ath-dhìoladh air dòigh agus cumail ris.
Tha aon aithris air a mholadh, nuair a bhios daoine a’ pàigheadh le cairt-chreideis, bidh iad a chosg barrachd airgead. Mar sin, ma tha cairt-chreideis agad, cleachd e gu faiceallach.
DIÙLT SMUAINTEAN CRONAIL
PRIONNSABAL A’ BHÌOBAILL: “Airson an fhuachd cha treabh an leisgean; iarraidh e dèirc anns an fhogharadh, ach chan fhaigh e.”—Gnàth-fhacal 20:4.
THA SEO A’ CIALLACHADH: Faodaidh leisgeachd a leantainn gu bochdainn. Uime sin, bi neach-obrach dìcheallach, agus mas urrainn dhut, cur plana-airgid air dòigh airson an t-àm ri teachd.
DÈ AS URRAINN DHUT A DHEÀNAMH:
-
Obair gu cruaidh. Dìon do theachd-a-steach le bhith gnìomach agus earbsach. Tha luchd-fastaidh a’ cur luach air dìcheall.
-
Bi onarach. Na bi a’ goid bho do neach-fastaidh. Dh’fhaodadh eas-onair dèan cron air do chliù agus ga dhèanamh duilich dhut obair eile a lorg.
-
Seachain sannt. ’S urrainn an tòrr air airgead cron a dhèanamh air do shlàinte agus do dhàimhean ri daoine eile. Cùm air chuimhne, ’s e barrachd na airgead tha ann am beatha.
PRIONNSABALAN EILE BHON A’ BHÌOBAILL
AIR DROCH-CHLEACHDAIDHEAN NA COSG D’ AIRGEAD NO DO THÌDE.
“Oir thig am misgear agus an geòcaire gu bochdainn; agus èidichidh turra-chadal duine le luideagan.”—GNÀTH-FHACAL 23:21.
NA GABH CUS DRAGH MU AIRGEAD.
“Na bithibh fo chùram mur beatha, dè a dh’itheas no dè a dh’òlas sibh; no mur cuirp, dè a chuireas sibh oirbh.”—MATA 6:25.
NA BI EUDAIL.
“Nì fear na droch shùla deifir gu bhith saoibhir; ach chan eil fhios aige gun tig bochdainn air.”—GNÀTH-FHACAL 28:22.