Skip to content

Skip to table of contents

EARRAN 16

Tighinn a’ Mhesiah

Tighinn a’ Mhesiah

Iehòbhah a’ dearbhadh gur e Iosa à Nàsaret am Mesiah a chaidh a ghealltain bho chionn fhada

AN CUIDICHEADH Iehòbhah daoine gus am Mesiah a chaidh a ghealltain aithneachadh? Chuidicheadh. Gabh beachd air an rud a rinn Dia. ’S ann timcheall air ceithir cheud bliadhna an dèidh na Sgriobtaran Eabhrach a bhi air a’ sgrìobhadh. Ann am baile ris an canar Nàsaret, ann an ceann a tuath Ghalile fhuair boireannach leis an ainm Màiri tadhal a chuir iongnadh oirre. Nochd aingeal ris an canar Gabriel rithe agus dh’innse e dhi gun robh Dia a’ dol a chleachdadh a neairt bheòthail, an spiorad naomh ag aobhrachadh dhi leanabh mic a bhi aice, ged e be maighdeann a bh’ innte. Rachadh a mac seo na Rìgh a bhiodh a’ riaghladh gu bràth-ghealladh e o chionn fhada! Is e mac Dhè fhèin a bhiodh as a leanabh o chionn gun cuireadh Dia sìos a bheatha as na nèamhan gu brù Mhàiri.

Ghabh Màiri ris an obair urramach seo le ùmhlachd. Phòs a leannan i, saor ris an canar Iòseph an dèidh do aingeal fo Dhia innse dha an aobhar airson gu robh Màiri trom. Ged-tà, dè mu dheidhinn an fhàisneachd a thuirt gum biodh am Mesiah air a bhreith ann am Betlehem? (Micah 5:2) Am baile beag sin a bha timcheall air 140 cilemeatairean air falbh!

Dh’òrdaich riaghladair Ròmanach gu feumar cunntas sluaigh a chumail. Dh’fheumadh na daoine a bhi air an clàradh ann am baile am breith. Tha e coltach gur ann am Betlehem a bha freumhan Iòseph agus Màiri. Air sgàth sin thug Iòseph a bhean, a bha trom don àite sin. (Lùcas 2:3) Thug Màiri breith ann an stàball iriosal agus chuir i a leanabh na laighe sa phrasaich. Chuir Dia an uairsin grunn de dh’ainglean a dh’innse do chìobairean air cnoc gur e am Mesiah, neo Crìosd, a bha air a bhreith.

An dèidh sin bheireadh feadhainn eile cuideachd fianais gur e am Mesiah a bha air a ghealltain a bha ann an Iosa. Dh’fhàisnich am fàidh Isaiah gun èireadh duine anns an fhàsach a dheasaicheadh an t-slighe airson obair chudromach a’ Mhesiah. (Isaiah 40:3) B’ e Eòin Baistidh an roimh-theachdaire sin. Nuair a chunnaic e an duine Iosa, dh’èigh e: “Feuch Uan Dhè, a tha a’ toirt air falbh peacadh an t-saoghail!” Lean cuid de dheisciobail Eòin Iosa gun dàil. Thuirt fear dhiubh: “Fhuair sinne am Mesias.”—Eòin 1:29, 36, 41.

Bha tuilleadh de theisteanas ann. An uair a bhaist Eòin Iosa, labhair Iehòbhah fhèin as na nèamhan. Leis an spiorad naomh thagh e Iosa mar a’ Mhesiah agus thuirt e: “Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mo mhòr-thlachd.” (Mata 3:16, 17) Bha am Mesiah a chaidh a ghealltain o chionn fhada, air tighinn!

Cùin a thachair seo? Anns a bhliadhna 29 C.E., dìreach an uair a’ ruith na 483 bhliadhnaichean a dh’fhàisnich Daniel an cùrsa. ’S e seo gun teagamh pàirt den teisteanas mhìorbhaileach gur e Iosa am Mesiah no Crìosd. Ged-tà dè an teachdaireachd a dh’fhoillsicheadh e fhad ’s a bha e air an talamh?

​—Air a’ stèidheachadh air Mata 1 gu 3; Marcus 1; Lùcas 2; Eòin 1.